Tha tòrr math air a bhith a’ tachairt ann an saoghal na Gàidhlig bhon àm ’s gun deach Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 a stèidheachadh leis a’ Phàrlamaid seo. Tha BBC Alba againn; tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air fàs; tha poileasaidhean Gàidhlig aig iomadach buidheann phoblach a-nis, agus tha àite na Gàidhlig ann an saoghal a’ chultair agus nan ealan nas làidire. Tha Bòrd na Gàidhlig agus buidhnean eile ag obair dhan chànan agus—a’ chuid as motha den tìde—tha aonta ann thairis air na pàrtaidhean gu bheil a’ Ghàidhlig feumail agus cudromach do dh’Alba. Tha buidheann thar-phàrtaidh na Gàidhlig againn a’ toirt misneachd a thaobh an aonta seo.
Ged a bhios mi-rùn an aghaidh na Gàidhlig a’ nochdadh anns na meadhanan bho àm gu àm, tha na cunntasan-beachd a’ sealltainn gu bheil taic nas làidire ann an Alba dhan Ghàidhlig an-diugh ’s a bh’ ann fichead bliadhna air ais. Tha e math gum bi sinn uile, mar Phàrlamaid, a’ comharrachadh nan rudan matha seo. Aig an aon àm, tha e a cheart cho cudromach gum bi sinn ag aithneachadh nan trioblaidean cuideachd.
Tha taic den iomadach seòrsa cuideachail dha-rìreabh dhan Ghàidhlig; ach cha dèan taic a’ chùis na h-aonar. Feumaidh daoine a bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig cuideachd, agus tha sin a’ ciallachadh àiteachan agus suidheachaidhean far a bheil e comasach a leithid a dhèanamh. Aig an aon àm ’s gu bheil ùidh anns a’ Ghàidhlig a’ fàs, tha crìonadh cleachdaidh na Gàidhlig anns na sgìrean eileanach a’ fàs nas miosa, tha mi gu math duilich a ràdh. Bha sin follaiseach bhon aithris aig Soillse, a bha a’ toirt sùil air an t-suidheachadh anns na h-Eileanan an Iar, an t-Eilean Sgiathanaich agus Tiriodh. Leis an fhìrinn innse—bha na rudan sin follaiseach do mhuinntir nan sgìrean sin co-dhiù.
Cha bhi mi a’ dol a-rithist gu mionaideach tro na rudan anns an aithris mu dheidhinn staid na Gàidhlig am measg dhaoine òga anns na h-eileanan, no na beachdan a bha a’ nochdadh anns na còmhraidhean coimhearsnachd a bha mise a’ cumail às a dhèidh. Bha iad uile a’ dearbhadh an fheum a th’ air poileasaidhean Gàidhlig a tha nas freagarraiche airson nan coimhearsnachdan traidiseanta, agus ag aideachadh an diofair a th’ ann, mar eisimpleir, eadar poileasaidh airson sgoil agus poileasaidh airson eilean. Tha mi toilichte gu bheil Bòrd na Gàidhlig ag aithneachadh nan rudan sin cuideachd, leis an oifigear a th’ aca a-nis a tha ag obair gu sònraichte airson coimhearsnachdan eileanach.
Tha e gu math cudromach aig a’ phuing seo gun cuir mi cuideam air an dòigh ’s gu bheil daoine a’ cleachdadh na Gàidhlig air feadh na h-Alba. ’S ann le Alba gu lèir a tha a’ Ghàidhlig – mar a tha ainmean-àite air cha mhòr a h-uile sgìre a’ dearbhadh. Cha do dh’ionnsaich mise mo chuid Ghàidhlig anns na h-eileanan, ach ann an Glaschu. Tha coimhearsnachdan Gàidhlig beòthail anns na bailtean mòra, agus tha a h-uile coimhearsnachd Gàidhlig cudromach dhan chànan. Feumaidh sinn uile aithneachadh cuideachd, ge-tà, gum biodh e doirbh a ràdh gum biodh cànan sam bi ann an staid fhallain mur a biodh àiteachan ann far am biodh an cànan sin air a chleachdadh air an t-sràid no anns a’ bhùth. Sin far a bheil an cunnart èiginneach ann, anns na h-eileanan.
Tha cothrom againn a-nis, leis a’ phlana nàiseanta ùr againn, rudeigin a dhèanamh - a dhèanamh cinnteach nach eil brosnachadh na Gàidhlig dìreach mu dheidhinn cia mheud neach aig a bheil a’ Ghàidhlig, ach cia mheud a tha ga cleachdadh. Feumaidh sinn a bhith soilleir. Chan urrainn do Bhòrd na Gàidhlig, no na sgoiltean Gàidhlig, Gàidhlig a shàbhaladh nan aonar, ge b’ e cho math ’s a tha an obair a tha iad uile a’ dèanamh. Chan bhiodh e faidhear no reusanta an dleasdanas sin a chur orra.
Bidh daoine gu tric a’ bruidhinn mu chosgais nan seirbheisean tro mheadhan na Gàidhlig. Tha e inntinneach nach bi duine sam bith a’ faighneachd mu dheidhinn cosgais nan seirbheisean poblach tro mheadhan na Beurla - no a’ tuigsinn gur e sin a’ chuid as motha de na seirbheisean a h-ann, eadhan anns na h-eileanan fhèin. Tha mi a’ ciallachadh seirbheisean aig an roinn phoblaich, seirbheisean slàinte nam measg. Tha fhios agam dè bhiodh pàipear-naidheachd no dhà ag ràdh mu mo dheidhinn-se nam bithinn a’ dèanamh a-mach an-diugh gur e an rud as cudromaiche a th’ ann airson seirbheisean slàinte an-dràsta fhèin staid na Gàidhlig. Ach innsidh mi, anns an dol seachad, gun d’ fhuair mise an jag Covid agamsa tro mheadhan na Gàidhlig, agus bha e a’ còrdadh riumsa glan!
’S e rudeigin eile a tha mi a’ ciallachadh. Tha cuimhne agamsa, greiseag air ais, a’ bruidhinn ri cuideigin a bha na bhall air bòrd-slàinte, àiteigin ann an ceann a tuath na h-Alba. Thuirt e seo riumsa, anns a’ chànain eile:
“Dìreach air sgàth ’s gu bheil plana Gàidhlig againn mar bhòrd-slàinte, chan eil sin a’ ciallachadh idir idir gu bheil am bòrd na phàirt ann an dòigh sam bith de na h-oidhirpean a tha daoine a’ dèanamh gus a’ Ghàidhlig a chumail beò.”
Tha cothrom againn le bile ùr mu chànanan na h-Alba beachdan mar sin a chur ceart, a’ dèanamh soilleir gu bheil àite aig a h-uile buidheann phoblach anns an oidhirp sin, gu sònraichte anns na sgìrean far a bheil a’ Ghàidhlig làidir fhathast. Sin Ghàidhlig a mhainstreamadh, mar a chanas iad. Ma tha am facal sin a’ ciallachadh rud sam bidh, tha e a’ ciallachadh gum bi sinn a’ smaoineachadh mar Phàrlamaid mu dheidhinn na buaidh a th’ aig na poileasaidhean uile againn air staid na Gàidhlig—chan ann dìreach poileasaidhean mu chultar no foghlam, ach poileasaidhean air taigheadas, dreuchdan, agus an eaconamaidh sgìreil—agus gum bi sin a’ smaoineachadh, mar eisimpleir, mu dheidhinn na buaidh a th’ aig na poileasaidhean sin air a‘ Ghàidhlig nuair a tha sin a’ dèanamh measaidhean buaidh airson nan eilean.
Tha cothrom againn anns a’ bhile ùr a bhith a’ togail air an obair bho 2005, agus cuideachd rudeigin a dhèanamh airson Albais no Beurla-Ghallda – an cànan màithreil agamsa. Chan eil a’ Ghàidhlig agus Albais air taobhan eadar dhealaichte bho chèile anns an t-strì aca. Tha làn thìde ann gun robh sin a’ cur às dhan aineolas mu dheidhinn Albais, ge b’ e a bheil na beachdan sin a nochdadh ann an foghlam, sna meadhanan no àite sam bith eile.
A’ tighinn gu co-dhùnadh mar a tha mi, tha mi an dòchas gum bi a h-uile Ball Pàrlamaid, agus gu sònraichte na buill ùra, a’ gabhail mòmaid a bhith ag ionnsachadh beagan bho na h-oifigearan Gàidhlig anns a’ Phàrlamaid mun Ghàidhlig. Nach gabh sibh an cothrom rudeigin ionnsachadh mu dheidhinn rudeigin cho àlainn ’s cho inntinneach agus cho cugallach ’s a chuala sibh—no nach cuala sibh fhathast ’s dòcha—a-riamh nur beatha.
Following is the simultaneous interpretation:
Much good has happened in the world of Gaelic since Parliament passed the Gaelic Language (Scotland) Act 2005. We have BBC Alba, Gaelic medium education has grown, many public bodies have Gaelic language plans, and the place of Gaelic in culture and the arts is much stronger. Bòrd na Gàidhlig and other organisations work for the language. Most of the time, there is a consensus across the parties that Gaelic is important and useful to Scotland, and the cross-party group on Gaelic seeks to promote that consensus.
Although prejudice against Gaelic still rears its head from time to time in the media, opinion polls show that support for Gaelic is considerably stronger across Scotland now than it was 20 years ago. It is good for us to have an opportunity from time to time to celebrate those positive things, but it is just as important that we also recognise the problems.
Support of every type is hugely important to Gaelic but, on its own, support for or knowledge of the language is not enough. People need to use Gaelic, so we must have places and situations where doing so is possible. At the very time when interest in Gaelic is growing, I am sad to say that the use of the language in island communities has been declining further. That was obvious from the report that Soillse produced on the situation in the Western Isles, Skye and Tiree, although the decline was already clear to the people who live in those places.
I will not reiterate the details in the report about the state of Gaelic among young people or the opinions that emerged in the community conversations that I held afterwards. They all demonstrated the need for Gaelic policies that are more tailored to the needs of vernacular communities and which acknowledge the difference, for example, between planning for the language needs of a school and planning for those of an island. I am pleased to say that Bòrd na Gàidhlig recognises those issues and now has an officer with specific responsibility for island communities.
At this point, it is important that I stress the way that Gaelic is used across Scotland. Gaelic belongs to Scotland nationally, as place names in almost every area of the country bear witness. I learned my Gaelic not in the islands but in Glasgow. There are vibrant Gaelic communities in major cities, and every Gaelic community is vital to the future of the language. However, we must recognise that it would be difficult to say that any language was in a healthy state if there was no place in which it could be heard on the street or in a shop. That is the urgent danger that threatens the islands.
With our new national Gaelic plan, we have an opportunity to make sure that the promotion of Gaelic is not just a question of how many people have Gaelic but of how many people use it. Bòrd na Gàidhlig and Gaelic schools cannot save Gaelic on their own; it would be unfair and unreasonable to shoulder them with such a responsibility.
People often discuss the cost of providing services in the medium of Gaelic but, interestingly, nobody ever seems to ask about the cost of providing public services through the medium of English, or to understand that, even in the islands, that is how the great majority of public sector services, such as health services, are delivered. I am well aware of what one or two newspapers would say about me if I were to suggest today that the most important thing for health services at this point might be the state of Gaelic, but I was very pleased to get my Covid jag through the medium of Gaelic, which I enjoyed immensely.
However, I recall that, a while ago, I was speaking to someone who was a member of a health board somewhere in the north of Scotland, and he said to me:
“Just because we have a Gaelic language plan as a health board, that does not at all mean that the board wishes to be associated in any way at all with the efforts that are being made in some quarters to keep the Gaelic language alive.”
With a new bill on Scotland’s languages, we have an opportunity to put right anyone who still says things like that and to make clear that every public body has its part to play in such efforts, particularly in areas where Gaelic is still strong. That is to say, we need to mainstream Gaelic. If that word is to mean anything, it must mean that we as a Parliament think about the impact of all policies on the state of Gaelic—not just policies that deal with culture or education but policies on housing, jobs and the local economy—and that we consider, for example, the impact of policies on Gaelic when we are compiling impact assessments for the islands.
We have an opportunity with a new bill to build on the work of 2005 and to do something for Scots, which is my mother tongue. We should recognise that Scots and Gaelic pose no threat to each other but are faced by a common challenge. It is high time that we challenged displays of ignorance about the Scots language, whether they appear in the media, education or anywhere else.
In conclusion, I hope that every MSP, and especially the new ones, will take a moment to speak to the Parliament’s Gaelic officers. Please take the opportunity to learn something about Gaelic, which is as beautiful and interesting a thing as you have ever heard, or are perhaps yet to hear, in your life.